Gàidhlig - Gaelic

‘S e àrd chompanaidh cho-chomhairleachaidh innleadaireachd is àrainneachd, a tha a’ tabhann seirbheisean taice dhan àrainneachd thogte, a th’ ann an Synergie Scotland.  Tha an dòigh-dèiligidh a th’ aca a thaobh fuasgladh dhuilgheadasan a’ toirt ri chèile seirbheisean co-cheangailte ri lùth, goireas, gualan, cosgais, cunnradh agus rianachd dealbhachaidh, dha raon farsaing de luchd-cleachdaidh ann an roinnean poblach is prìobhaiteach. Tha Synergie a’ tabhann dealbhachadh aonaichte, seirbheisean rianachd is solarachd dha pròiseactan eagarach tro dà phrìomh roinn – Pròiseactan agus Àrainneachd. Tha an t-eòlas farsaing a th’ aig luchd-obrach Synergie a’ cruthachadh co-aontachadh sònraichte a tha air leth sùbailte, a’ toirt cothrom dhuinn pròiseactan a lìbhrigeadh, a tha dol thar stiùireadh gnàthaichte is ro-dhearbhaidhean luach maoin neach-cleachdaidh.

Tha Roinn nam Pròiseact a’ tabhann sheirbheisean co-cheangailte ri pròiseactan, cosgais agus rianachd dealbhachaidh, a’ gabhail a-steach ailtireachd, innleadaireachd, leasachaidhean ann an lùth ath-nuadhachail, rianachd sgudail agus obair ghoireasan. Tha an raon seo a’ toirt a-steach pròiseactan co-cheangailte ri togalaichean ùra, ath-sgioblachadh air togalaichean eachdraidheil agus obraichean bun-structaireil.

Tha Roinn na h-Àrainneachd a’ tabhann dòigh-obrachaidh chunbhalach a thaobh èifeachdachd is seasmhachd ghoireasan. Tha seo a’ gabhail a-steach sgudal, uisge is rianachd lùtha, sgrùdadh ghoireasan is solarachd, fèin-thomhais ghoireasan agus mion-sgrùdadh dàta, rianachd lùtha seasmheach, leasachaidhean ann an lùth ath-nuadhachail agus measadh thogalaichean tro Theisteanachadh Coileanadh Lùtha. 

Eisimpleirean de Phròiseactan:

Làrach Deuchainn Tuinn & Làin EMEC – Tha Synergie air a bhith ag obair bho 2003 mar Stiùirichean Pròiseict air togail làraichean deuchainn tuinn is làin dha Ionad Lùth Mara na h-Eòrpa (EMEC).  A thuilleadh air a bhith os cionn obair an togail agus uidheamachadh an togalaich cladaich, bha e an urra rinn a bhith a’ dèanamh ceangal ri luchd-maoineachaidh agus a bhith a’ stèidheachadh modhan-obrach EMEC. Tha a’ phròiseact seo air eòlas sònraichte a thoirt dhuinn ann am pròiseactan co-cheangailte ri bun-structair thonn is làn, a’ còmhdach gach nì bho ceangal clèithe gu ceann cabal fon mhuir.

Lann-amhairc Eòin Fair Isle – Tha Synergie air an togalach ùr seo a dhealbhachadh, a’ cleachdadh siostam annasach is seasmhach de thogail modalach gus an ùine air an làraich thogail a lùghdachadh. Tha an dealbhachadh a’ co-cheangal mòran feartan airson lùth a chaomhnadh gus cosgaisean a lùghdachadh is lorg-gualain ìsleachadh. Tha na cèisean gan dèanamh ann an suidheachaidhean ùghdarraichte ann am factaraidh mud tèid an cur air bàirdse gu Fair Isle airson an cur an-àirde.  Thèid mòran den t-seann thogalach ath-chuartachadh, cumaidh an togail aig-astar ana-caitheamh sìos agus ìslichidh còmhdachadh fiùghantach agus siostaman ath-theasachaidh riatanasan lùtha anns an àite chugallach, iomallach seo. Tha a’ phrìomh shiostam teasachaidh a’ gabhail a-steach teicneòlas CHP agus tha clàr aonaichte PV sna tàidhlichean mullaich.

Eag-phàirc Measadh Lùtha, Farrais – Fhuair Synergie cùmhnant bho Iomairt na Gàidhealtachd & nan Eilean airson measadh a dhèanamh air iarrtas lùtha làraich airson ceàrnaidhean neo-leasaichte de Phàirc Iomairt Farrais gus faighinn a-mach dè na bha de dhiofar sheòrsa thogalaichean is tionnsganaidhean ath-nuadhachail innte. Rinn an aithisg leasachadh air raon de thogalaichean teòiridheach, len iomraidhean lùtha co-leantailteach is chaidh seo a choimeas ris an lùth ath-nuadhachail a bhiodh comasach, ri teicneòlasan gnàthaichte, freumhan gnàthach lùtha, cosgaisean suidheachaidh is seasmhachd, cothroman maoineachaidh agus chrìochnaich i le co-dhùnadh a bha sònraichte dhan làraich. Stiùiridh an co-dhùnadh seo leasachadh na pàirce gnothachais san àm ri teachd gus dèanamh cinnteach gun coinnich e ri rùintean, reachdan is òrduighean ionadail lùtha an neach-cleachdaidh airson 2020.

Pròiseact Dhealanachd Eige – B’ e Synergie a bha an urra ri dealbhachadh, togail is barantachadh tar-shiostam sgaoilidh far-chlèithe airson lùth ath-nuadhachail a chruthachadh ann an coimhearsnachd chugallach eileanach far thìr-mòr na h-Alba. Ghabh Synergie dreuchd comhairleachaidh os làimh le bhith a’ stèidheachadh na companaidh coimhearsnachd, a’ dèanamh ceangal ri buidhnean maoineachaidh, a’ cuideachadh le tabhartasan maoineachaidh, rianachd chunnraidh agus stiùireadh na làraich a rinn lìbhrigeadh soirbheachail air stòradh lùth-clèithe agus air tionnsgnaidhean ath-nuadhachail.  Thàinig a’ phròiseact shònraichte seo beò sa Ghearran 2008, a’ toirt goireasan dealain dhan luchd-còmhnaidh airson a’ chiad uair a-riamh. 

Dealbhachadh is Suidheachadh Siostaman Goireis Fo-thomhais  – Tha Synergie air gabhail os làimh dealbhachadh is suidheachadh grunn shiostaman sgrùdaidh lùtha is ghoireasan eile dha caochladh gnothachasan, airson fiosrachadh feumail mu chaitheamh ghoireasan a chumail riutha agus gus cuideachadh le lùghdachadh cosgaisean lùtha na companaidh.  Chan e a-mhàin gu bheil na siostaman a’ toirt cothrom dha luchd-cleachdaidh a bhith a’ sìor sgrùdadh brùchdaidhean is caitheamh lùtha agus caitheamh a choimeas ri an Dealas airson Ìsleachadh Gualain, ach tha iad cuideachd a’ toirt fiosrachadh a bharrachd seachad leithid a bhith a’ lorg aoidion uisge agus mar mheadhan taice airson gleidheadh is càradh.  Còmhla ri co-rèiteachaidh cìse às leth neach-cleachdaidh, faodar, agus thathar air, sàbhalaidhean mòra a dhèanamh. 

ISO Logos